
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Dè a' bhuaidh a tha trì bliadhna de thiormachd is cion-uisge a' toirt air muinntir Chalifornia? What's it like to live in midst of California's three-year drought?
Tha Iain MacAmhlaigh a' toirt beachd air an leabhar The Trees le Percival Everett. Tha an leabhar air geàrr-liosta Duais Booker na bliadhna seo.
Tha muinntir Chalifornia air a bhith a' fulang airson trì bliadhna a-nise le teas mi-nàdarrach, tiormachd agus cion uisge. Dè a' bhuaidh a tha sin a' toirt air am beatha làitheil? Tha sinn a' cluinntinn bho Donnie Dòmhnallach, a tha tàmh faisg air Sacramento.
Tha sinn a' faighinn beachd air an dràma ùr, Maxine, a thòisich air Sianal 5 a-raoir. Tha e stèidhichte air sgeulachd Maxine Carr, murt Soham agus an càirdeas a bha eadar i agus am fear a chaidh dhan phrìosan airson na thachair, Ian Huntley. Ach a bheil e ceart a bhith a' dèanamh dràma à cùisean eucoir a thachair ga-rìreabh agus gu h-àraid 's dòcha mu Soham, far an deach dà nighean bheag a mharbhadh? Tha sinn a' faighinn beachd bho thriùir a bha ga choimhead a-raoir.
Cò ris a tha e coltach do bhoireannaich a bhith ag obair ann an dreuchdan anns a bheil fir sa mhòr-chuid? Tha Cathy a' bruidhinn ri boireannaich a tha an sàs ann a leithid de dhreuchdan.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 11 Oct 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 11 Oct 202222:25BBC Radio nan Gàidheal