
That Deadman Dance le Kim Scott
Mark Wringe le sùil air nobhailean le sgrìobhaichean tùsanach.
Mark Wringe explores novels by indigenous writers. In today's programme, he looks at That Deadman Dance by Kim Scott.
Tha Mark Wringe a’ cur na prosbaig air cuid de na nobhailean as cliùitiche a chaidh a sgrìobhadh le ùghdaran tùsanach.
Còmhla ri Mark tha leughadair a tha a' beachdachadh air gach nobhail agus ionnsaichear beagan mu eachdraidh na dùthcha anns a bheil an leabhar suidhichte bho eòlaiche. Cluinnear earrannan den leabhar ‘s iad air an lìbhrigeadh dhuinn le cleasaiche a bhuineas don chinneadh a th’ air a riochdachadh anns gach leabhar.
An seo, tha Mark agus Shelagh Chaimbeul a’ toirt sùil air an nobhail That Deadman Dance le Kim Scott, sgrìobhaiche a bhuineas don t-sluagh Noongar ann an Astràilia an Iar.
Cluinnear cuideachd beagan mu eachdraidh na dùthcha air a toirt thugainn le Ruairidh MacIlleathainn agus earranan às an nobhail 's iad air an leughadh dhuinn leis an sgrìobhaiche fhèin.
Last on
Broadcasts
- Mon 5 Sep 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Sep 202220:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 29 Apr 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 1 May 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 May 202410:00BBC Radio nan Gàidheal