
18/8/22 le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air seann chriomagan telebhisein às na h-Eileanan an Iar, a tha a' comharrachadh 100 bliadhna dhen BhBC.
A glimpse of the past from island films marking 100 years of the BBC.
Tha 100 bliadhna bhon a chaidh am BBC a chuir air chois. Mar chomharra air a sin, tha ’d air làrach-lìn ùr a chruthachadh air a bheil BBC Rewind. Chithear na mìltean de chriomagan bho sheann phrògraman bho air feadh na rìoghachd. Tha feadhainn à Barraigh, Sgalpaigh agus Steòrnabhagh ag innse mu na criomagan a tha a' dùsgadh chuimhneachain dhaibh fhèin.
Cluinnidh sinn mu dealbh-chluich sa Ghàidhlig a tha ri fhaicinn aig Fèis Dhùn Èideann. Tha Cora ag amas air clann aois 4 gu 7, fo stiùir a chompanaidh Theatre Gu Leòr. Tha Cathy ann an còmhradh ri na cleasaichean òga a tha a' gabhail pàirt ann an Cora.
Agus tha Alasdair MacLeòid a' leantainn air leis an t-sreath far a bheil e a' toirt sùil air stuthan-bìdhe a dh'atharraich eachdraidh an t-saoghail. An-diugh, rus.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 18 Aug 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 18 Aug 202222:25BBC Radio nan Gàidheal