
Winter in the Blood le James Welch
Mark Wringe le sùil air nobhailean le sgrìobhaichean tùsanach. Mark Wringe explores novels by indigenous writers. In this programme, he looks at Winter in the Blood by James Welch.
Mark Wringe a’ cur na prosbaig air cuid de na nobhailean as cliùitiche a chaidh a sgrìobhadh le ùghdaran tùsanach.
Tha leughadair còmhla ri Mark airson beachdachadh air gach nobhail agus ionnsaichear beagan mu eachdraidh na dùthcha anns a bheil an leabhar suidhichte bho eòlaiche. Cluinnear earrannan den leabhar ‘s iad air an lìbhrigeadh dhuinn le cleasaiche a bhuineas don chinneadh a th’ air a riochdachadh anns gach leabhar.
An seo tha Mark agus Rhoda Meek a' toirt sùil air Winter In The Blood, le James Welch; nobhail cudromach a th' air aithneachadh mar chlach-mhìle ann an litreachas nan tùsanach. Cluinnear cuideachd earrannan às an nobhail fhèin ’s iad air an lìbhrigeadh dhuinn le Braydon Fitzpatrick a tha na bhall dhen treubh Gros Ventre à Montana agus aig a bheil buntanas don treubh Blackfeet cuideachd.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 8 Aug 202215:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Aug 202220:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Aug 202210:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 1 Apr 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Apr 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Apr 202410:00BBC Radio nan Gàidheal