
23/07/2022
Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan.
Local, national and international sport presented by John Morrison.
Iain Moireasdan le sùil air dè tha a' tachairt ann am prìomh lìog na h-iomain leis na seann nàimhdean Ceann a' Ghiùthsaich agus Bail' Ùr an t-Slèibh a' coinneachadh aig an Dell, 's iad a' farpais airson duais cuimhneachaidh Sir Tommy Mac a' Phearsain. Cuideachd air a' chlàr, ball-coise aig diofar ìrean bho thuath gu deas. Tha seachdain sònraichte air a bhith ann aig farpais Lùth-chleasachd na Cruinne ann an Oregon agus cluinnear cuideachd mu lùth-chleasachd ann an Leòdhas agus sreath de rèisean air a bheil 'Tràigh Hard' a' tighinn gu crìch Disathairne le rèis air an Tràigh Mhòr ann an Tolsta. Cluinnear cuideachd mun Tour de France agus mun rèis an Tour de Femmes.
