
12/07/22 le Cathy NicDhòmhnaill
Dè tha luchd-leantainn nan Tòraidhean a' saoilsinn dhan fharpais son obair a' Phrìomhaire? What do Conservative supporters think of the race for the role of prime minister?
Dè tha luchd-leantainn nan Tòraidhean a' saoilsinn dhan fharpais son obair a' Phrìomhaire? Tha Iain MacÌomhair agus Murchadh Moireasdan ag innse do Chathy mu na beachdan aca air na tagraichean airson ceannais a' phàrtaidh agus a' rìoghachd.
Chaidh Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn a dh'fhaicinn an dealbh-chluich ainmeil Thunderstruck san Lanntair ann an Steòrnabhagh, dealbh a th' air chuairt air feadh Alba chun Dàmhair. Ciamar a chòrd e ris fhèin, agus carson as fhiach a dhol ga choimhead?
Tha 60 bliadhna ann bho thàinig teilibhisean saideal a Bhreatainn à Ameireaga. Dè cho làidir agus dè cho maireannach is a tha buaidh cultar Ameireaga anns an rìoghachd seo air a shàilleibh?
Agus 's i Eilidh Daniels a th' air a dhol air turas gu na bùithtean carthannais a lorg bargan neo dhà dhuinn air an t-seachdain seo.
Last on
Music Played
![]()
Gordon Duncan
Thunderstruck Clip SLAN
- Thunderstruck.
- Greentrax Recordings.
- 12.
Broadcasts
- Tue 12 Jul 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 12 Jul 202222:25BBC Radio nan Gàidheal
