
14/07/22 le Cathy NicDhòmhnaill
Ciamar a tha na meadhanan sòisealta gu feum do chompanaidhean is do luchd-gnothachais? How is social media useful for companies and entrepreneurs?
Carson a tha luach a' not cudromach a-rèir luach a' euro? Neo luach a' euro a-rèir an dollar Ameireaganach? Le ceistean mu choinneamh luach an airgid ann an dùthchannan air feadh an t-saoghail, tha an t-eòlaiche-ionmhais Coinneach MacMhathain a' mìneachadh a' ghnothaich.
Ciamar a tha na meadhanan sòisealta cho feumail do chompanaidhean agus luchd-gnothachais? Cluinnidh Cathy bho thriùir aig a bheil companaidhean is iomairtean eadar-dhealaichte: Teàrlach MacUilleim bho An Taigh Cèilidh, Iain Aonghas Greumach bho Gharaids nan Caimbeulach ann an Steòrnabhagh, agus Murchadh Moireasdan bho Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil.
Innsidh Alasdair MacLeòid dhuinn mu leabhar ùr air stuthan-bidhe a dh' atharraich eachdraidh an t-saoghail.
Agus dè dìreach a ghabhas a dhèanamh mu òdharan-mòr, neo giant hogweed, a tha a' dol ma sgaoil ann an cuid de cheàrnaidhean an Alba?
Last on
More episodes
Broadcast
- Thu 14 Jul 202209:00BBC Radio nan Gàidheal