
21/06/22 le Cathy NicDhòmhnaill
Cò an t-Albannach a lorg dòigh air dealbhan dathte a thogail le camara? Which Scottish inventor found a way to take colour pictures?
Carson a tha luchd-teasairginn nam beann cho cudromach? Tha Calum Teàrlach Moireach a' bruidhinn ri Cathy mu chuid obrach ann an Srath Thuaidh, a' cuideachadh le bhith a' lorg dhaoine a bhios a' dol a dhìth air na monaidhean.
Mìnichidh Anna NicLeòid dreuchd a' chomhairliche beusalachd - an obair a dh'fhàg am Morair Geidt ann an Riaghaltas Bhreatainn. Dè tha an lùib an leithid de dhreuchd agus aithrisean ann nach tèid an obair a thoirt do chuideigin eile na àite?
Tha Calum Iain Bartlett a' bruidhinn air an innleadair Albannach a lorg dòigh air dealbhan dathte a thogail. Agus cluinnidh Cathy bho Chailean MacIlleathain agus Màiri NicAmhlaigh, dithis a tha gu math eòlach air obair-togail nan dealbh, mu mar a tha camarathan air atharrachadh cho mòr.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 21 Jun 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 21 Jun 202222:30BBC Radio nan Gàidheal