
An t-Urr Iain Moireasdan, Eaglais Shaor an Òbain
Seirbheis còmhla ris an Urramach Iain Moireasdan nach maireann, Eaglais Shaor an Òbain. Gaelic service conducted by the late Rev Iain Morrison, Oban Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 13: 1-2 air fonn Walsall agus ‘s e Murchadh Ceanadach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 46: 10-11 air fonn Stornoway agus ‘s e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 27: 13-14 air fonn Torwood agus ‘s e Iain Mac a’ Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Leughadh: Salm 13: 1-6
Ceann-teagaisg: Salm 13
Rugadh Iain Moireasdan ann an Dùn Èideann, 's bha athair às na Hearadh agus a mhàthair à Leòdhas ach chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh. Chaidh e gu Sgoil MhicNeacail agus b' ann nuair a bha e an sin a thàinig atharrachadh na bheatha aig aois sia deug nuair a bha dùsgadh spioradail ann ann an1978.
Chaidh Iain gu Oilthigh Heriot Watt ann an Dùn Èideann agus Colaiste Mhoireibh agus thug e a-mach dreuchd neach-teagasg ann an matamataig agus coimpiutaireachd. Bha e a’ teagasg airson deich bliadhna fichead leis a' chiad obair aige ann an Acadamaidh Pheairt agus thill e air ais a Leòdhas a phòsadh ann an 1986. Fhuair e obair ann an Sgoil MhicNeacail far an robh e gu 2012. Chur e seachad dà bhliadhna aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar agus ann an 2014 chaidh e gu Seamanaraidh Diadhachd Dhùn Èideann agus cheumnaich e ann an 2017. Bha Iain an toiseach na neach-taic ann an coitheanal Eaglais Shaor Ros Cuithne agus an uairsin aig toiseach 2022 chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor an Òbain.
Bha triùir a theaghlach aige, dithis ghillean agus nighean
Chaochail an t-Urramach Iain Moireasdan sa Chèitein am-bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Sun 19 Jun 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Jun 202215:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Sep 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Sep 202215:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Jul 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Jul 202415:00BBC Radio nan Gàidheal