
Aonghas Dubh MacNeacail, Dòmhnall Manford agus James Goodfellow
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
A' comharrachadh gu robh am bàrd Aonghas Dubh MacNeacail ceithir fichead bliadhna a dh'aois Dimàirt a chaidh. Tha còignear de luchd-dàimh gu bhith a' toirt luaidh air an obair aige - an neach-ciùil Màiri Anna NicUalraig, a' bhana-bhàird Anna Frater agus na bàird Pàdraig MacAoidh, Rody Gorman agus Maoilios Caimbeul 's iad a' beachdachadh air a' chliù a th' aig Aonghas MacNeacail ann an saoghal litreachais; mar tha e air an cànan 's an cultar a bhrosnachadh 's air a thoirt gu aire an t-sluaigh, chan ann a-mhain sa Gàidhealtachd ach gu nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
'S e Dòmhnall Manford, a bha na chomhairliche airson sgìre Bharraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh agus Uibhist a Deas airson trì bliadhna fichead, Ceiliche na Seachdain.
Bheir Calum Iain Bartlett dhuinn eisimpleir eile de dh'innleadair Albannach, is e a' bruidhinn air James Goodfellow a chruthaich an ATM, an inneal a tha a leigeil dhuinn airgead a thoirt às an cunntas-banca againn le cairt a chur ann. Gheibh sinn beachdan air mar a tha an dòigh sa bheil sinn fhìn a' làimhseachadh airgead air atharrachadh thar nam bliadhnaichean.
Last on
More episodes
Broadcast
- Sun 12 Jun 202212:00BBC Radio nan Gàidheal