
An Dr Urr Ruairidh MacLeòid
An Dr Urr Ruairidh MacLeòid le seirbhis bho Eaglais Chill an Rubha, Bogha Mòr ann an Ìle 1992. Rev Dr Roddy MacLeod conducting a service from Kilarrow Church of Scotland, Bowmore.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 46: 1-5 air fonn Stroudwater
Salm 93: 1-5 air fonn St Andrews
Leughaidhean: Salm 95: 1-7 & Marcus 4:35-41
Ceann-teagaisg: Marcus 4: 36
A' leughadh bha Màiri NicIlleMhìcheil agus Dòmhnall MacDhubhaig.
Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair. Bha e cuideachd air a bhith an sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig aig an eaglais.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 29 May 202221:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Feb 202521:00BBC Radio nan Gàidheal