
19/05/22 le Cathy NicDhòmhnaill
Dè ghabhas a dhèanamh mu na fèidh a tha a’ tighinn a-steach do na bailtean sna h-eileanan? What can be done about deer coming into residential areas of the islands?
'S i Élisabeth Borne a' chiad phrìomhaire boireann anns a' Fhraing airson còrr air 30 bliadhna. Ach cò i? Tha Cathy NicDhòmhnaill a' bruidhinn ri Jessie Boydell mun bhoireannach sa, agus a' chumhachd a th' aice ann am poilitigs ioma-fhillte na Frainge.
Tha Aideen Mitchison air turas a ghabhail gu taisbeanadh ealain Iain Lowrie Moireasdan air a bheil The Croft and the Lighthouse.
Mun àm sa dhen bhliadhna, tha e duilich draibhigeadh tarsainn air a' mhòinteach sna h-eileanan gun tachairt ri fèidh an àiteigin. Ach carson a tha iad a-nise cho pailt - agus dè ghabhas a dhèanamh mun dèidhinn? Ag innse dha Cathy mar a tha fèidh gan sàrachadh sna sgìrean aca fhèin tha Raghnall MacCoinnich, Pàdruig Moireasdan agus Evelyn Coull NicLeòid. Agus a' bruidhinn air na riaghailtean, na trioblaidean, agus na freagairtean a tha comasach dhuinn, cluinnidh sinn bho Neen NicAoidh agus Iain MacÌomhair.
Agus dè na sgeulachdan annasach a ghlac aire Phàdraig MhicAmhlaigh air an t-seachdain sa?
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 19 May 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 19 May 202222:30BBC Radio nan Gàidheal