
Holoportation, Datsun agus dealbhan Murray MacFhionghain
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Mìnichidh an t-eòlaiche-saidheans, Iain MacAongais, mar a tha NASA air cruthachadh dòigh siubhail air a bheil holoportation, dòigh siubhail a bha aig aon àm ceangailte ri ficsean saidheansail.
Cluinnidh sinn bho Ruairidh MacIllEathain mu thaisbeanadh de dhealbhan-chamara a thog an dealbhaiche ainmeil Murray MacFhionghain agus a tha ri fhaicinn aig Museum nan Eilean a Steòrnabhagh an-dràsta.
Tha Nissan air ainmeachadh gu bheil iad a' dol a sguir a' dhèanamh càraichean fon ainm Datsun. Tha ceathrar còmhla rinn an-diugh a' cuimhneachadh air na càraichean Datsun a bha rim faighinn sna 70an agus sna 80an.
Innsidh an rannsaiche, Raghnaid Sandilands, mu phròiseact sa bheil i an sàs a’ rannsachadh an aite a bh' aig an dreasair, pìos àirneis a bha ri fhaicinn sa h-uile dachaigh sa Ghàidhealtachd aig aon àm, ann an cultar nan Gàidheal.
Last on
Broadcast
- Sun 1 May 202212:00BBC Radio nan Gàidheal