
Mìchael Bochanan le sgeulachd Shrewsbury, Sràid Sauchiehall agus a' lasair-choille
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha Mìcheal Bochanan air a bhith ag aithris air naidheachdan a' BhBC mu deidhinn sgainneal cùram màthaireil agus phàistean aig Urras NHS Shrewsbury airson còig bliadhna. Tha e ag innse do Chathy mun sgeulachd dhuilich seo agus mar a dhèilig e fhèin agus an sgioba ris.
Bha Cathy a' còmhradh ri Dòmhnall Màrtainn a bha, gu bho chionn ghoirid, na Mhorar Ionaid a' Chrùin anns na h-Eileanan an Iar. Cluinnidh sinn mun obair a rinn e tro na bliadhnaichean.
Cluinnidh sinn cuideachd nu na h-atharrachaidhean mòra a tha tighinn air Sràid Sauchiehall ann an Glaschu.
Tha an àireamh a tha ri fhaicinn dhan eun bheag an lasair-coille - neo an deargan-fraoich neo a' bhuidheag ( an goldfinch ) - air a dhol suas gu mòr anns a' bhliadhna a chaidh seachad. Bha Shona NicIllFhialain bho Chomunn Rìoghail Dìon nan Eun ag innse mun deidhinn.
Last on
More episodes
Broadcast
- Sun 17 Apr 202212:00BBC Radio nan Gàidheal