
Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein
Seirbheis Didòmhnaich Slat Phailm còmhla ri Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein. John Archie MacMillan brings us this year's Palm Sunday service.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Crann-ceusaidh na Nàire, air a sheinn le Criosaidh NicNèill
Dhìt Pileat gu Bàs Thu, air a sheinn le Anna Nic na Ceàrdaich
Thighearna ar Dòchais, air a sheinn le Còisir Eaglais Naomh Peadar
Còisir Eaglais Naomh Barr a’ seinn Seo an Gaol mar Meud na Mara
Joanna Peteranna a’ seinn Ùrnaigh an Tighearna
A’ seinn Do Làmh a Chrìosda tha Màiri Anna NicUalraig
Leughadh: Eòin 12: 12-19
Rugadh agus thogadh Iain Eàirdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spàinn airson sia bliadhna. Thàinig e a-mach na shagart anns an Ògmhios 1971. Bha e na shagart ann an Dùn Òmhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeigh.
Bha Iain Eàirdsidh cuideachd ag obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd làn-ùine a leigeil seachad.
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh cuide ri bhean, Màiri. Tha balach agus nighean aca, Harriet agus Mata.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, 's toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-àraid dhan Eadailt far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bhiodh e ag èisteachd ri clàraidhean den chànan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh, ach gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spàinnteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh thòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghàidhlig agsu a sgrìobhadh bàrdachd spioradail.
Bidh Iain Eàirdsidh os cionn nan seirbheisean Gàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann gu math tric.
Last on
Broadcasts
- Sun 10 Apr 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Apr 202215:00BBC Radio nan Gàidheal