
07/04/22 le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Chuir Dòmhnall Trump app air chois air na meadhanan sòisealta bho chionn ghoirid, air a bheil Truth Social. Ach dè mar a tha dol leis?
Nochd leabhrain-sgrìobhaidh a bh' aig Charles Darwin air starsaich Oilthigh Chambridge, dà bhliadhna fichead an dèidh dhaibh a bhith air an goid. Chaneil fhios cò a dh'fhalbh leòtha neo cò a thill iad! Dè na pàipearan, leabhrain neo làmh-sgrìobhainn air am bu mhiann leibh pèin lorg fhaighinn agus carson?
Tha an t-eòlaiche Dòmhnall Màrtainn a' toirt stiùireadh dhuinn mu sàbhaladh airgead 's a' toirt sùil air naidheachdan ionmhais.
Tha dealbhan-camara ainmeil Oscar Marzaroli gan taisbeanadh ann a New York an t-seachdain seo mar phàirt de Tartan Week. Thog Marzaroli na ceudan de dhealbhan air feadh Alba - nam measg feadhainn anns na h-Eileanan an Iar ach gu h-àraid an Glaschu, bho na 50an gu na 80an. Cluinnidh sinn an tuilleadh mu dheidhinn fhèin agus mu cho cudromach 's a tha e gu bheil na dealbhan ann a New York.
www.bbc.co.uk/radionangaidheal
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 7 Apr 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 7 Apr 202222:30BBC Radio nan Gàidheal