Main content

05/03/2022
Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan.
Local, national and international sport presented by John Morrison.
Air Spòrs na Seachdain Disathairne bidh Iain Moireasdan a' coimhead air farpaisean iomain nam fear agus nam ban 's na camain aca air ghleus aig toiseach seusan ùr. Tha Geamannan Paralimpigeach a' Gheamhraidh a' tòiseachadh air an deireadh seachdain ann am Beijing. Tha a’ chiad railidh càir dhen bhliadhna a' Snowman a' tòiseachadh sa Bhlàr Dhubh Disathairne, 's cluinnear na tha a' tachairt bho oir an rathaid! Bidh ball-coise prìomh lìog nam fear agus nam ban fon phrosbaig agus gu leòr spòrs eile bho naoi sa mhadainn.
Last on
Sat 5 Mar 202209:00
BBC Radio nan Gàidheal
