
Còmhla ris an Oll Urr Dòmhnall MacLeòid
Còmhla ris an Oll Urr Dòmhnall MacLeòid, Colaiste na h-Eaglaise Saoire, Dun Èideann 2003. Gaelic service conducted by Prof Donald MacLeod, former Principal Free Church College.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 102: 16-18 air fonn Bangor agus os cionn na seinn tha Dòmhnall MacÌomhair le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Allt Bheithe.
Salm 60: 3-4 air fonn Coleshill agus ‘s e Iain MacRath a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann a’ Loch.
Salm 80: 17-18 air fonn London New agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Chaoil.
Leughadh : Marcas 4: 30-41
Ceann-teagaisg: Marcas 4: 30-41
Chaochail an t-Ollamh Urramach Dòmhnall MacLeòid aig aois 82 na dhachaigh ann an Dùn Èideann Là na Sàbaid a chaidh.
Bha cliù aige mar shearmonaiche, mar sgoilear agus mar sgrìobhaiche air leabhraichean diadhachd agus cuideachd air cùisean làitheil ann an colbhan sna pàipearan-naidheachd.
Rugadh an t-Ollamh Urramach Dòmhnall Macleòid ann an Tàbost, Nis, Eilean Leòdhais, ann an 1940. Ghluais an teaghlach a Lacasdal, faisg air Steòrnabhagh ann an 1945 agus b' ann ann an sin a chaidh e dhan bhun-sgoil agus an uair sin gu Sgoil MhicNeacail. Cheumnaich Dòmhnall à Oilthigh Ghlaschu 's an uairsin à Colaiste na h-Eaglaise Saoire, 's chaidh a phòsadh ri coitheanal Chill Mhàillidh ann an 1964 far a robh e gu 1970. Bha e an uairsin na mhinistear ann am Partick Highland ann an Glaschu gus an d'fhuair e obair an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1978. Bha e a' teagasg Diadhachd agus fhuair e dreuchd Prionnsapal na Colaiste ann an 1999 agus bha e an sin gus an do leig a dheth a dhreuchd. Bha e na neach-deasachaidh air iris-oifigeil na h-Eaglaise Saoire - The Monthly Record - eadar 1977 agus 1990.
Bha e pòsta aig Màiri à Siabost agus bha triuir bhalaich aca.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 23 Jan 202221:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 May 202321:00BBC Radio nan Gàidheal