
Hì Ho Rò 'S Na Hò Rò Eile le Màiri Anna NicUalraig
Sgeulachd fonn Hì Ho Rò 'S Na Hò Rò Èile, a tha ri chluinntinn aig Gàidheil agus Goill. Hì Hò Rò 's Na Hò Rò Èile, and the story of a tune heard among both Gaels and non-Gaels.
Cò às a thàinig na fuinn air a bheil sinn eòlach? Ann an sreath ùr, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ còmhradh ri luchd-ciùil mu na fuinn a tha a’ còrdadh riutha, agus aig a bheil sgeulachdan inntinneach is annasach. Anns a’ phrògram sa, tha Coinneach a’ bruidhinn ri Màiri Anna NicUalraig mun fhonn Hì Ho Rò 'S Na Hò Rò Èile - fonn a tha air nochdadh aig Goill is Gàidheil na h-Alba.
Mar a chluinneas sinn bho Mhàiri Anna, tha am fonn air a sheinn an-diugh an cois òran le Iain MacIllEathain, Bàrd Bhaile Mhàrtainn à Tiriodh. Ach tha e cuideachd ri chluinntinn aig seinneadaran sa Bheurla Ghallda, is e air òran Raibeart Burns, "Ae Fond Kiss".
Ge-tà, chan eil a seo ach aon eisimpleir den cheangal eadar Burns agus saoghal ciùil nan Gàidheal, agus tha tùs a' chiad fhuinn a chaidh a chur air Ae Fond Kiss le Burns toinnte dha-rìribh. Air cuairt claisneachd a tha a' gabhail a-steach seann chlarsairean nan ceann-feadhna, an sgaradh eadar ceòl dualchasach agus ceòl clasaigeach, agus saoghal ciùil Baroque an 18mh linn, tha a' loidhne iomadh-fhillte eadar Gàidheil is Goill na h-Alba air a shoilleireachadh tro mheadhan a' chiùil.
Last on
Broadcasts
- Mon 24 Jan 202212:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 24 Jan 202222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Jan 202213:00BBC Radio nan Gàidheal