
07/12/2021
A' comharrachadh gu bheil 80 bliadhna bho thug Iapan ionnsaigh air Pearl Harbor. Commemorating 80th anniversary of the Pearl Harbor.
Thathas an dùil gun tèid ìre an rèidh an àirde eadar seo agus toiseach na Bliadhn' Ùire. Tha seo, na phàirt, ri linn àrdachadh ann an ìre na h-atmhorachd. Mìnichidh an t-eòlaiche-eaconamas, Iain Caimbeul, dè dìreach a bhiodh àrdachadh ann an ìre an rèidh a' ciallachadh agus cò air a bheireadh e buaidh.
A' comharrachadh gu bheil 80 bliadhna an-diugh fhèin bho thug Iapan ionnsaigh air Pearl Harbor, cluinnidh sinn còmhradh a bh' aig Coinneach MacÌomhair mun a' bhlàr còmhla ri Mata MacÌomhair, Murchadh Peutan, Steaphan MacRisnidh agus Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir ann a 2016.
Agus cluinnidh sinn bho Aonghas Pàdraig Caimbeul gur ann air an t-seachdain seo ann an 1973 a dh'eug Sir Robert Watson-Watt, innleadair a chruthaich an radar.
Last on
Broadcasts
- Tue 7 Dec 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 7 Dec 202121:00BBC Radio nan Gàidheal