
20/11/2021
Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan.
Local, national and international sport presented by John Morrison.
Iain Moireasdan agus an sgioba a' coimhead air adhart ris na h-iar chuairtean deireannach airson Cupa Lìog na h-Alba. Thairis air an deireadh seachdain bidh Celtic a' coinneachadh ri St Johnstone, a thog an Cupa air an t-seusan sa chaidh agus bidh Rangers an aghaidh Hibernian. Cluinnear cuideachd bho dhithis nighean òg à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a th' air a bhith air an taghadh airson Sgioba Nàiseanta Ball-lìn na h-Alba fo aois 17. Cluinnear mu ciamar a tha a' dol do Kara is Matthew Hanlon 's iad a' snàmh ann am farpais Oilthigh Bhreatainn ann an Sheffield thairis air an deireadh seachdain. Sin agus spòrs gu leòr eile bho 9m Disathairne.
