
19/11/2021 le Cathy NicDhòmhnaill
Cultar, na h-ealain, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Culture, the arts, music and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha Rebecca NicIllFhinnein air ais le suipeir sìmplidh, blasta airson an deireadh sheachdain. An-diugh, chilli con carne le nachos agus bàrr geur.
Tha Màiri Rodgers agus an duine aice air tòiseachadh air seann taigh a leasachadh às ùr ann an Inbhir Nis. An-dràsta 's a-rithist, tha Màiri còmhla rinn ag innse mu dè an ìre aig a bheil iad agus dè mar a tha dol dhaibh. Tha i ann an còmhradh ri Cathy an-diugh agus tha dealbhan agus fiosrachadh mun an ìre aig a bheil iad air ar duilleag Facebook.
Bidh farpais bheag againn do Chathy agus Iain MacIlleMhìcheal air Là Clann ann an Èis!
Agus air Seachdain Leabhraichean na h-Alba, cluinnidh sinn bho thriùir luchd-leughaidh eile mu na leabhraichean a b' fheàrr a chòrd riutha fhèin am-bliadhna. Nam measg, tha Rosemary Ward, Stiùiriche Urras Leabhraichean na h-Alba a tha os cionn an t-seachdain.
Ceòl bho Foxes, Chris Klafford, Adele, LANY, Whitney Houston le Clean Bandit agus Celeste.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Music Played
![]()
Niall Horan & Anne Marie
Everywhere
![]()
Foxes
Sky Love
![]()
Chris Kläfford
Be Alright
![]()
LANY
Cowboy in L.A
![]()
Celeste
Twinkle, Twinkle, Little Star
Broadcast
- Fri 19 Nov 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
