
Teaghlach Sònraichte
Rona Lightfoot a' toirt thugainn taghadh às an iomadh clàradh a rinn an teaghlach aice. Rona Lightfoot with a selection from the rich repertoire of her family of tradition bearers.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
Tha ceangal làidir aig teaghlach Rona Lightfoot ri Sgoil Eòlais na h-Alba le mòran dhiubh air an clàradh le mòran de luchd-cruinneachaidh na Sgoile. Chaidh a seanmhair, Mòr Chaimbeul, Mòr Aonghais ’ic Eachainn, bràthair a seanmhair Aonghas MacIllFhialain, Aonghas Beag Mac Aonghais ’ic Eachainn agus piuthar a seanmhair, Peigi a chlàradh. A thuilleadh orrasan chaidh màthair Rona, Ceit NicDhòmhnaill, Bean Eàirdsidh Raghnaill, Eàirdsidh Raghnaill fhèin, Niall a bràthair agus fiù 's a mac Eàirdsidh beag cuideachd a chur air clàr.
A seo bheir Rona thugainn taghadh às an iomadh òran, seanchas agus port pìoba a thu an teaghlach sònraichte aice do Sgoil Eòlais na h-Alba.
Last on
Broadcasts
- Thu 11 Nov 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 11 Nov 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Nov 202109:30BBC Radio nan Gàidheal