
Òrain Sheumais 'an Sheumais à Tobhta Sgòir
Na h-òrain a thogadh bho Sheumas Dòmhnallach, Seumas 'an Sheumais à Tobhta Sgòir. Le Eòin Dòmhnallach. Jonathon MacDonald brings us songs sung by James MacDonald, Totescore, Skye.
Chaill saoghal na Gàidhlig fear de churaidhean an dualchais agus fìor dhuine uasal aig deireadh na seachdain, le bàs Eòin Dhòmhnallaich à Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach. Bha am prògram sa, a rinn e ann an 2001, sa chlàr airson a chraoladh an-diugh agus tha sinn a' dèanamh sin mar chuimhneachan air.
'S ann air cuid de na h-òrain a chaidh a chruinneachadh anns a' sgìre aige fhèin a bha Eòin a' coimhead a seo. B' ann à Tobhta Sgòir a bha Seumas Dòmhnallach, Seumas 'an Sheumais, croitear agus seinneadair, mar a tha Eòin ag ràdh, 'dha nach robh an saoghal mòr mun cuairt a' dèanamh a bheag de dhragh dha'. Seinneadair air leth a bh' ann agus fear a bha cuideachd a' pìobaireachd agus a' cluich an fheadain na òige.
Cluinnidh sinn bhuaithe na h-òrain Àirigh Luachrach Ùige, ’S toigh leam an tè Dhìleas Dhonn, na puirt-a-beul Maoileas Mòr na Guailne/ Seoc Dubh on Bhail’ ud Thall, an t-òran annasach Mur Bhiodh an Crodh cha Ghabhainn thu, Fàilte dhut is Deoch-slàinte Leat ( mu Sheasaidh Bhaile Ràghnaill ), Ho mo Leannan He mo Leannan agus an t-òran iomraidh, Iomairibh Eutrom o ho.
Last on
Eòin Dòmhnallach

Broadcasts
- Thu 21 Oct 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 21 Oct 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Oct 202109:30BBC Radio nan Gàidheal