
19/10/21 le Cathy NicDhòmhnaill
Cultar, na h-ealain, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh, còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Culture, the arts, music and lifestyle with Cathy MacDonald.
Thèid an clàr as sine san t-saoghal de na reultan a thaisbeanadh aig Taigh-tasgaidh Bhreatainn. Tha dùil gu bheil a Nebra Sky Disc 3600 bliadhna a dh'aois. Cò as a thàinig e agus carson a tha e cho cudromach? Bidh Aonghas Dòmhnallach, a tha deigheil air reul-eòlas, ag innse an tuilleadh mu dheidhinn.
Am bu chòir peataichean a thoirt a-steach gu oifisean? Chaidh an àireamh dhaoine a fhuair coin suas gu mòr tron ghlasaidh 's tha mòran a-nise ag iarraidh cead na peataichean aca a bhith nan cois, ma thig orra tilleadh gu oifis. Gheibh sinn beachdan air a sin.
Agus air thoiseach air COP26, tha am prògram telebhisean Celebrity Trash Monster air iarraidh air daoin' ainmeil trusgain aodaich a dhèanamh às a' sgudal 's na pacaidean a tha a' tighinn a bhroinn an taighe. Gheibh sinn beachd air a' phrògram bho Ricky Hannaway agus Alison NicRath a tha cuideachd dol ga fheuchainn dhaibh pèin, 's bidh iad air ais Dihaoine airson innse ciamar a chaidh leotha!
Ceòl bho Julia Michaels, John Mayer, MarthaGunn, Keane, Brandi Carlile, Coldplay le BTS agus Adele.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Music Played
![]()
Julia Michaels
Just One Look
![]()
John Mayer
Wild Blue
![]()
MarthaGunn
Minute Of My Time
![]()
Keane
Nothing To Something
![]()
Brandi Carlile
Mama Werewolf
![]()
Coldplay x BTS
My Universe
![]()
Adele
Easy On Me
Broadcast
- Tue 19 Oct 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
