
An t-Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach
Seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Free Church (Continuing) Snizort.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 45: 2-3 air fonn Torwood agus ‘s e an t-Urr Alasdair MacPhàrlain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chille Mhoire
Salm 78: 52-53 air fonn St David agus ‘s e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 73: 24-25 air fonn Stornoway agus ‘s e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic cho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh
Leughadh: Lùc 23: 35 -49
Ceann-teagaisg: Lùc 23: 45
Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an Oib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pàirce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.
Last on
Broadcasts
- Sun 17 Oct 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Oct 202115:00BBC Radio nan Gàidheal