
05/10/21 le Cathy NicDhòmhnaill
Cultar, na h-ealain, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh, còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Culture, the arts, music and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha obair air tòiseachadh air an treas sreath dhen chomadaidh ainmeil telebhisean, Derry Girls, stèidhichte an Èirinn a Tuath. Carson a tha e air a bhith cho soirbheachail?
Tha mòran a bharrachd bhainnsean a-nise gan cumail an dèidh bacadh Covid-19. Tha seusan traidiseanta nam bainnsean tron t-samhradh air leudachadh a-mach is càraidean airson a' chiad chothrom air pòsadh a ghabail, ge bith dè an t-àm den bhliadhna a th' ann. Gach Dimàirt tha sinn a' toirt sùil air traidiseanan agus cleachdaidhean co-cheangailte ri bainnsean.
Dh'fhaodadh gum bi mòran a bharrachd dhaolagan, dhamhain is bhiastagan mu chuairt air an fhoghair seo, ri linn aimsir an t-samhraidh. Tha an t-eòlaiche-nàdair Eòghan MacChoinnich còmhla rinn 's cluinnidh sinn bhuaithe mar a tha na beathaichean sin a' leughadh na h-aimsir tro shùilean air mullach an cinn. 'S a bheil e fìor gur ann mar as motha an lìon-damhainn, gur ann as fhuaire a bhios an geamhradh?
Ceòl bho Lindsey Buckingham, St.Lundi, Sam Fender, Mabes, Sting agus Nell Bryden.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Music Played
![]()
Lindsey Buckingham
Blind Love
![]()
St. Lundi
Nights Like This
![]()
Sam Fender
Spit Of You
![]()
Sting
If It's Love
![]()
Mabes
Fairground
![]()
Nell Bryden
Gaslight
Broadcast
- Tue 5 Oct 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
