
An t-Urr Uilleam MacMhathain 1/2
1/ 2 Jo NicDhòmhnaill le iomradh air beatha 's saidhbhreas òrain an Urr Uilleam MacMhathain. Jo MacDonald considers the life and vast song repertoire of Rev Willie Matheson.
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!
'S e an t-Urr Uilleam MacMhathain agus an dìleab phrìseil a dh'fhàg e againn de dh' òrain, agus de dh'fhiosrachadh mun deidhinn, a th' aig Jo NicDhòmhnaill mar chuspair a seo.
Bha e na òraidiche an Oilthigh Ghlaschu agus thogadh e an Uibhist a Tuath le màthair a Dail bho Thuath a Nis agus athair, a bha na mhiseanaraidh, à Siadar Bharabhais. Bha Mgr. Uilleam ag ionnsachadh òrain bho bheul-aithris agus cuideachd à leabhraichean, à irisean, à pàipearan-naidheachd is làmh-sgrìobhainnean a' dèanamh rannsachadh mòr orra. B' e sgoilear Gàidhlig a bh' ann a dheasaich leabhar Òrain Iain Mhic Fhearchair, air bàrdachd MhicCodruim, a chaidh fhoillseachadh ann an 1938 agus leabhar de na h-òrain aig a’ Chlàrsair Dhall, 's chan e a-mhàin gu bheil na facail aig na h-òrain annta, tha an ceòl ann cuideachd.
Cluinnidh sinn tuilleadh mu bheatha aig Jo agus bheir i dhuinn blasad beag den iomadh òran a chlàr Mgr Uilleam do Sgoil Eòlais na h-Alba.
Tha an dàrna prògram air an Urr Uilleam MacMhathain ri chluinntinn an-ath-sheachdain.
Last on
More episodes
An t-Urr Uilleam MacMhathain

Broadcasts
- Mon 4 Oct 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 4 Oct 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Oct 202113:00BBC Radio nan Gàidheal