
An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach, Longfleet
Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach, Longfleet, Dorset. Gaelic service with Rev Suzie Roberts, Longfleet Baptist Church, Dorset.
Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag ràdh 'gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha'. Bha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a' fuireach ann an Lunnainn cho fad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus tha i fhèin is Mìcheal, an duine aice, stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far a bheil i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
'O airson ceum nas dlùith’ do Dhia' air a sheinn leis a’ bhuidheann Seinneamaid Còmhla ann an Stafainn.
Donaidh M MacLeòid le taic bho Mhàirianna NicUalraig agus Brus MacGriogair a’ seinn 'Cia Domhainn Gràdh an athar dhuinn',
Muriel Urchardan le taic bho bhuill de chòisirean eaglais ann am Barraigh agus iad a’ seinn 'Alleluia, Cliù do dh’Ìosa'
'Dèan dhòmhsa tuigse' air a sheinn leis a’ chòmhlan na Brogues.
Leughaidhean: Iob 2: 11-13 & 3: 1-5
Iob 15: 1-6
Lùcas 10: 38-42
Last on
Broadcasts
- Sun 3 Oct 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Oct 202115:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Sep 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Sep 202215:00BBC Radio nan Gàidheal