
28/09/21 le Cathy NicDhòmhnaill
Cultar, na h-ealain, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh, còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Culture, the arts, music and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha na mìltean de thiocaidean gan reic air thoiseach air film ùr James Bond, a thèid fhaicinn airson a' chiad turas ann a Lunnainn an-diugh. Bidh a' film ri fhaicinn air feadh na dùthcha bho oidhche Chiadain. Cuin a bha sibh anns an taigh-dhealbh mu dheireadh agus a bheil sibh deiseil a dhol air ais gu seòmraichean meadhanach làn?
Tha mòran a bharrachd bhainnsean a-nise gan cumail an dèidh bacadh Covid. Tha seusan traidiseanta nam bainnsean tron t-samhradh air leudachadh a-mach is càraidean airson a' chiad chothrom air pòsadh a ghabail, ge bith dè an t-àm den bhliadhna a th' ann. Gach Dimàirt tha sinn a' toirt sùil air obair an fheadhainn a tha air cùl bhainnsean - an-diugh, còmhlain ciùil.
Tha Bàrd Nàiseanta na h-Alba, Kathleen Jamie an dùil pìos sgrìobhaidh ùr mu nàdar a chruthachadh, air thoiseach air co-labhairt COP26 air an ath mhìos. Ach 's e sluagh na h-Alba fhèin a sgrìobhas a' bhàrdachd ùr. Cluinnidh sinn an tuilleadh mun phròiseact agus mun àite a th' aig bàrdachd ann a bhith a' tarraing aire gu cuspairean mòra, eadar-nàiseanta.
Ceòl bho Sting, Charlotte OC, Valley, Lola Lennox, Edward Sharpe & The Magnetic Zeroes agus Abba.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Music Played
![]()
Sting
If It's Love
![]()
Charlotte OC
Running Back To You
![]()
Valley
There's Still A Light In the House
![]()
Lola Lennox
Love Like That
![]()
Edward Sharpe & The Magnetic Zeroes
Mayla
![]()
ABBA
I Still Have Faith In You
Broadcast
- Tue 28 Sep 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
