
Clàraidhean à Eilean Thiriodh
Beagan de na thog Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Eilean Thiriodh. Le Iain Mac a' Ghobhainn. A pick of material collected by the School of Scottish Studies in Tiree. With Ian Smith.
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!
'S e taghaidhean pearsanta à tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba de chlàraidhean a chaidh a thogail ann an Eilean Thiriodh a th' aig Iain Mac a' Ghobhainn às na Cuiltean, ri taobh Baile Phuill, 's a tha a' cluiche a' bhogsa sa chòmhlan Trail West dhuinn a seo. Mar a tha e fhèin ag ràdh, bu chòir do mhuinntir Thiriodh taing a thoirt do luchd-obrach na Sgoile, gu h-àraid an Dr Iain MacAonghais, Eric Cregeen agus an Dr Mairead NicAoidh.
‘S e Tìr an Eòrna a th’ aig cuid air Eilean Thiriodh ‘s le sin, chan eil e na iongnadh gu robh gu leòr a' grùdaireachd uisge-beatha air an eilean aig aon àm, an dà chuid gu laghail agus gu mì-laghail, agus gum biodh na gaidsearan a' tighinn dhan eilean a' feuchainn rin glacadh. Ach mar a chluinneas sinn cha robh muinntir an eilein idir nan cadal nuair a nochdadh iad.
Mar iomadach eilean eile, tha Tiriodh làn sgeulachdan mu shìthichean agus an dà-shealladh agus tha sgeulachd aig Iain mu chnoc faisg air fhèin ann am Baile Phuill far am biodh daoine a' cluinntinn ceòl agus fear eile air mar a thachair do dhuine aig àm Bliadhn' Ùir nuair a chunnaic e gu robh an t-sìthean fosgailte.
Aig aon àm ‘s e Baile nam Bàrd a bh’ aca air Baile Phuill chionns gu robh uiread de bhàird a' fuireach anns a’ bhaile agus cluinnidh sinn mu chuid aca. B' fheudar dha gu leòr aca falbh a Chanada sna linntean a dh'fhalbh agus 's ann sa bhàrdachd a rinn iad a b' urrainn dhaibh na faireachdainnean aca a chur an cèill, mar a gheibh sinn ann a leithid Òran Mhanitoba. Gu h-annasach tha dà òran aige air a bheil Òran Mhanitoba agus tha am fear eile air a sgrìobhadh le bàrd a tha ag ionndrainn a charaid a dh'fhalbh, a' toirt dhuinn dà thaobh na sgeòil.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Mon 6 Sep 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 6 Sep 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Sep 202113:00BBC Radio nan Gàidheal