
...colonaidh Gallda air maireachdainn an Leòdhas?
Dè nan robh an colonaidh Gallda ann an Steòrnabhagh soirbheachail? What if the Lowland colony in Stornoway had succeeded?
Dè nan robh an eachdraidh againn air a dhol rathad eile? Anns an t-sreath ùr sa, tha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' toirt sùil air diofar amannan nar n-eachdraidh, aig puing far a robh cothrom aig eachdraidh a bhith air ar stiùireadh a dh'àiteigin eile.
Anns an dàrna prògram dhen t-sreath, tha sinn a' gabhail sgrìob air ais gu deireadh nam meadhan aoisean, gu 1598, nuair a thàinig buidheann de cheannaichean is saighdearan Gallda a Leòdhas. Le cead an rìgh, bha Luchd-Tuineachaidh Fiofa, mar a chaidh a thoirt orra air sgàth am buntanas Gallda, a' feuchainn ri Leòdhas a dhèanamh na cholonaidh dha na Goill.
Ach dh'fhàilig iad. Chuir Clann 'icLeòid às dhan cholonaidh, is chuir Clann 'icChoinnich às do Chlann 'icLeòid goirid às dèidh sin. Ge-tà - dè nan robh na Goill air soirbheachadh? Sin na tha Sandra Corbett agus Murchadh Moireach a' tomhais agus a' beachdachadh air, len tuairmse fhèin air na bhiodh air tachairt.
Còmhla riutha cuideachd tha an Dr Aonghas MacCoinnich bho Oilthigh Ghlaschu, a th' air leabhar a sgrìobhadh air na thachair. Sùil air ais air àm air leth dorcha ann an eachdraidh Leòdhais, far am faodadh co-dhùnadh neo dhà eadar-dhealaichte a bhith air Eilean Fraoich a chruth-atharrachadh.
Last on
Broadcasts
- Tue 31 Aug 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 31 Aug 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Sep 202110:00BBC Radio nan Gàidheal