
24/08/2021
A bheil an geama rugbaidh sàbhailte dha na cluicheadairean? Is rugby safe for players?
Tha draghan air nochdadh mu shàbhailteachd chluicheadairean rugbaidh o chionn ghoirid. A bheil rugbaidh dha-rìribh sàbhailte gu leòr? Mur a bheil, dè na dòighean as fheàrr gus sàbhailteachd a leasachadh? Gheibh sinn beachdan bho luchd-leantainn.
’S e latha mòr a bh’ ann air an dearbh latha seo ann an 1991 am measg na dùthchannan Soibhietach. Thàinig an Aonadh Shoibhietach gu crìoch, agus ghairm An Ucràin neo-eisimeileachd. Cluinnidh sinn bho Mhurchadh MacLeòid agus bho Derek MacAoidh mu na trioblaidean a bha nochdadh gu poilitigeach, gu h-eaconomach is gu sòisealta.
Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul ag innse mun òraid ainmeil aig an Ollamh Urramach Màrtainn Luther King 'I have a dream', a chaidh a thoirt seachad air an t-seachdain seo ann an 1964.
Agus bheir Murchadh Peutan dhuinn eachdraidh-beatha Maki Kaji, am fear a thug Sukudo gu aire an t-saoghail mhòir, 's a chaochail bho chionn ghoirid.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tue 24 Aug 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 24 Aug 202121:00BBC Radio nan Gàidheal