
16/08/21 le Cathy NicDhòmhnaill
Cultur, na h-ealain, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh, còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Culture, the arts, music and lifestyle with Cathy MacDonald.
Tha Peigi Nic a' Bhiocair agus Megan Dale còmhla ri Cathy is iad a' moladh cuid de na chunnaic iad air telebhisean agus air na meadhanan-sòisealta air a’ mhìos a chaidh seachad, agus na rudan ris an robh iad ag èisteachd.
Carson a tha cultur cho cudromach aig amannan dhen t-seòrsa seo, nuair a tha cùisean riaslach air feadh an t-saoghail? B' e sin cuspair cuirm-fosglaidh Fèis Eadar-nàiseanta Leabhraichean Dhùn Èideann oidhche Shathairne. Bha an sgrìobhaiche Aonghas Pàdraig Caimbeul a' sàs sa chuirm 's tha e fhèin agus Iain MacChoinnich, a bha an làthair, ann an còmhradh ri Cathy. Bheir iad beachd cuideachd air dachaigh ùr na Fèise, 's i air gluasad bho Cheàrnag Charlotte gu Colaiste Ealain Dhùn Èideann.
Tha an t-eòlaiche-ionmhais Dòmhnall Màrtainn a' toirt sùil air naidheachdean ionmhais 's a freagairt cheistean. Faodar ceist a chur air Dòmhnall air post-d aig [email protected] neo air duilleag Facebook BBC Radio nan Gàidheal.
Ceòl bho Elton John is Dua Lipa, The Killers le Phoebe Bridgers, The Lathums, MarthaGunn agus Wild.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Music Played
![]()
Elton John & Dua Lipa
Cold Heart
![]()
Ben Platt
I Wanna Love You But I Don't
![]()
MarthaGunn
Minute Of My Time
![]()
The Lathums
I'll Get By
![]()
WILD
This Is Our Time
Broadcast
- Mon 16 Aug 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
