
13.08.21 le Coinneach Mac a' Ghobhainn
Latha Nàiseanta Prosecco a th' ann an-diugh ach feuchaidh sinne air deochan as urrainn a bhith againn tràth sa mhadainn. We'll mark National Prosecco Day with some mocktails.
Tha am fear a tha os cionn companaidh taighean-deilbh mòr air innse gum bi e comasach do dhaoine pàigheadh le bitcoin ann an ùine gun a bhith fada, ach dè tha sin a' ciallachadh? Mìnichidh an t-eòlaiche-compiutaireachd Dòmhnall I Dòmhnallach dhuinn.
Dihaoine an 13mh a th' ann; latha mì-fhortanach ann am beachd chuid, ach am bi e duilich do Choinneach agus ceisteachan aig an riochdaire Marie dha co-cheangailte ris an àireamh 13.
Bidh dùbhlan eile roimhe agus e a' feuchainn air deochan iomchaidh airson an àm seo den latha airson Latha Nàiseanta Prosecco a chomharrachadh.
A bharrachd air a sin, bidh Ceòl na Sgeòil againn mar as àbhaist - dè an t-òran a chluicheas sinn co-cheangailte ris an naidheachd gu bheil còig càraid deug a' dol a thòiseachadh ann am bun-sgoiltean ann an sgìre Inbhir Chluaidh an ath sheachdain? [email protected]
Last on
Music Played
![]()
Rod Stewart & Tina Turner
It Takes Two
- Tina Turner - Simply The Best.
- Capitol.
Broadcasts
- Fri 13 Aug 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 14 Aug 202100:00BBC Radio nan Gàidheal
