
Hocaidh-deighe
Na farpaisean spòrs eadar-nàiseanta a dh'fhàg làrach air luchd-leantainn. Sports fans give personal insights on the international sporting contests that have most affected them.
Tha hocaidh-deighe agus Canada dlùth cheangailte. Am measg nan geamaichean as cudromaiche nan eachdraidh, bha sreath gheamaichean a chaidh a chluich an teis-meadhan a' Chogaidh Fhuair ann an 1972 ris an canar an Summit Series, geamaichean a chuir na cluicheadairean a b’ fhèarr aig Canada an aghaidh sàr chluicheadairean An Aonaidh Shoibhietich.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' bruidhinn ri Rob Dunbar, a bha na ghille òg ann an Toronto aig an àm, 's a' faighinn a-mach dè na cuimhneachain a th’ aige air na geamaichean agus carson a tha iad fhathast cho cudromach dha?
Tha Goiridh Dòmhnallach à Ceap Breatainn ag innse mu ghèam eile an aghaidh an Aonaidh Shoibhietich, an turas sa mar a choinnich na sgiobaidhean aig Geamaichean Oilimpigeach Sarajevo ann an ’84.
Last on
Broadcasts
- Tue 3 Aug 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 3 Aug 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Aug 202110:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 21 Apr 202219:30BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 22 Apr 202215:30BBC Radio nan Gàidheal