
Ainmean à Muile
Alasdair MacIlleBhàin le taghadh à Muile de na chlàr Sgoil Eòlais na h-Alba. Alasdair Whyte brings us his choice of recordings from Mull made by the the School of Scottish Studies
'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!
'S e a' chiad fhear a tha a' toirt a chuid fhèin dhuinn, an Dr Alasdair MacIlleBhàin às an t-Sàilean am Muile a tha an-dràsta na Cho-Eòlaiche Rannsachaidh ann an Ainm-Eòlas Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu. 'S fhada bho thòisich ùidh ann an ceòl agus cultar na Gàidhlig. Bhuannaich e am Bonn Òr aig Mòd Dhùn Òmhain ann an 2006 aig aois 19 agus chaidh cuideachd ainmeachadh mar Thosgaire na Bliadhna le Riaghaltas na h-Alba ann an 2019.
Tha e a' tòiseachadh sa Ros Mhuileach, ann an ceann an iar-dheas an eilein, le Gilleasbaig MacIllEathain, no Eàirdsidh mar a b' fheàrr a b' eòlaich daoin' air, a rugadh ann an 1880 is a bhuineadh do dh' Àrdtunna faisg air Bun Easain agus e a' toirt dhuinn criomag den eòlas a bh' aige air ainmean-àite sa sgìre.
'S e ceatharnach ainmeil a bh' ann an Ailean nan Sop ann a Muile agus bheir Alasdair dhuinn beagan den eachdraidh aige ann an clàraidhean bho Eàirdsidh, Calum MacPhàil à Eilean Ulbha agus bho Iain Robasdan a bhuineadh do Thobar Mhoire. Gheibh sinn iomradh air te a chuireadh feagal air a' cheatharnach fhèin - a’ Chailleach Bheurra - bho Dhùghall Iain Nèill Dhùghaill, an Caiptean Dùghall MacCormaig à Fionnphort.
Bheir Dòmhnall MacPhàrlain, cìobair às an Ros Mhuileach, seanchas dhuinn mun t-Sìthean Riabhach agus cuideachd air grunn àiteachan aig a bheil buntanas ri Calum Cille.
Agus tha òran aige le Anna Ghreumach mu Ghleann Forsa, gleann mòr ann an meadhan an eilein a chaidh fhuadach san 19mh linn.
Last on
Broadcasts
- Mon 2 Aug 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 2 Aug 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Aug 202113:00BBC Radio nan Gàidheal