
20/07/21
Tha aimhreit a' dol ann an Cuba an-dràsta, gheibh sinn a-mach na tha tachairt agus carson bho Maureen NicLeòid. Maureen Macleod explains the recent unrest in Cuba.
Tha e air tighinn am follais gu bheil làraich-lìn a th' air a chleachadh leis a' bhuidhean Ransomware air dùnadh. Chan eil cinnt ann fhathast, ach dh'fhaodadh seo a bhith a' ciallachadh gu bheil na h-ùghdarrasan air adhartas a dhèanamh ann an dòigh fhaighinn air stad a chur air a' mhilleadh a nì Ransomware air siostaman coimpiutaireachd dhaoine agus ghnìomhachasan. Dè tha sin a' ciallachadh dhuinn, agus a bheil cunnart ann fhathast bho Ransomware? Bidh an t-eòlaiche-teicneòlais Dòmhnall Dòmhnallach còmhla rinn gus innse dhuinn.
Mìnichidh Maureen NicLeòid na tha tachairt ann an Cuba an-dràsta agus daoine air a bhith a' togail fianais an aghaidh an riaghaltais.
Cuideachd, bidh Aonghas Pàdraig Caimbeul air ais còmhla rinn airson sùil a thoirt air na bha dol air an t-seachdain seo ann an eachdraidh.
Last on
Broadcasts
- Tue 20 Jul 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 20 Jul 202121:00BBC Radio nan Gàidheal