
09/07/21 le Cathy NicDhòmhnaill
Sailead airson an deireadh sheachdain le halloumi is quinoa ann an sùgh orains. Mark Smith rustles up a weekend salad with halloumi and quinoa in an orange dressing.
Tha Mark Mac a' Ghobhainn còmhla ri Cathy le suipeir airson an deireadh sheachdain. An-diugh, tha e ag ullachadh sailead le halloumi is quinoa agus tha caraid na chois, ga chuideachadh!
Tha Tormod MacLeòid air ais 's e a' toirt sùil air saoghal agus obair chomaigean Albannach. An-diugh, dà shàr charactar à saoghal na Gàidhlig - Cailleach an Deacoin agus Seasaidh Leagsaidh!
Bidh na Geamannan Oilimpigeach a' tòiseachadh ann ceann ceala-deug ann an Tokyo. Ro làimh, tha Koren Pickering, a tha fìor dhèidheil air spòrs, a' deànamh sreath dhuinn air Feasgar, anns am bi i a' toirt sùil air na diofar spòrsan a bhios a' dol agus na lùth-chleasaichean a bhios an sàs annta. An-diugh, boghadaireachd.
Ceòl bho MarthaGunn, St Paul & The Broken Bones, Portugal The Man, Ashton Lane agus còmhlain eile.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Music Played
![]()
MarthaGunn
Say When
![]()
BANNERS
Serenade
![]()
Portugal. The Man
Feel It Still
![]()
St. Paul & The Broken Bones
Call Me
![]()
AHI
Ol' Sweet Day
Broadcast
- Fri 9 Jul 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
