
Suirghe Oidhche
'S e òrain mu chaithris na h-oidhche à Sgoil Eòlais na h-Alba a th' aig Mòrag Nicleòid. Stories and songs of night-visiting are brought to us by Morag Macleod.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S e seann chleachdadh, suirghe oidhche, a th' aig Mòrag NicLeòid dhuinn mar chuspair a seo.
Gheibh sinn an toiseach fuasgladh air ciamar a phòs te nach gabhadh 'fear a bha a-muigh, neo fear a bha a-staigh, neo fear a bha dha chois neo fear a bha air muin eich' bho Nan Eachainn Fhionnlaigh, Nan NicFhionghain à Bhatarsaigh.
Bheir Calum MacIain dhuinn 'Nach coma leat 'ille dhuibh, tarraing an t-sreang' a rinn te dha do dh'fhear leis nach do shoirbhich air an oidhche a bh' ann.
'S ann airson coibhneas sònraichte a chaidh 'Ceud soraidh slàn don mhaighdeann a rinn mo leab’ a chàradh' a dhèanamh agus e seo air a sheinn leis an Urr Uilleam MacMhathain.
Bha mòran suirghe a' dol air na h-àirighean ach cha deigheadh gabhail ris a h-uile fear mar a chluinneas sinn aig Cacile NicNèill ann a 'Bha mise raoir air an àirigh' agus ann an òran a rinn fireannach, 'Thug mi ’n oidhche raoir air àirigh', gheibh sinn a-mach na dh'fhaodadh a dhol ceàrr, nuair a thòisicheadh 'na goid-chùil a rànaich'.
Gheibh sinn a' bhàrdachd 'Air oidhche ghruamach' bho Dhonnchadh Mac a' Ghobhainn, bàrdachd a rinn Donnchadh MacNìbhein à Cille Chomhainn.
Mu dheireadh, tha fear eile a' magadh air fhèin le mar a chaidh dha leis an t-suirghe, 'nuair a dh'eirich am bodach 's a bhata na làimh', ann a 'Mo nighean chruinn donn air bharraibh nan tonn' air a ghabhail le Ceit, bean Eàirdsidh Raghnaill à Uibhist a Deas.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 8 Jul 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 8 Jul 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Jul 202109:30BBC Radio nan Gàidheal