
06/07/21 le Coinneach MacÌomhair
Aonghas Pàdraig Caimbeul ag innse mar a chaidh Seirbheis Nàiseanta na Slàinte a stèidheachadh ann an 1948.
Angus Peter Campbell explains how the NHS was founded in 1948.
Tha an Èipheit air cead-seòlaidh a thoirt dhan a’ bhàta a ghlas Canàl Suez sa Mhart. Thàinig riaghaltas na h-Èipheit agus an companaidh leis a bheil an Ever Given gu co-dhùnadh co-cheangailte ri aigead-dìolaidh. Gheibh sinn beachd a' Chaiptein Alasdair Mac a' Ghobhainn air a' chùis.
Tha 30 bliadhna ann bho chaill Comhairle nan Eilean suim mhòr airgid an cois trioblaidean a' bhanca BCCI. Cluinnidh sinn criomagan bhon tasglann 's Coinneach a' bruidhinn ri Aonghas MacIllinnein agus an t-Urramach Cailean MacLeòid ann an 2001 mun bhuaidh a thug seo air bancaichean an t-saoghail agus air Pakistan far an robh am banca stèidhichte.
Tha Alasdair Macleòid a’ leantainn air leis an t-sreath far a bheil e a' còmharrachadh farpais Euro 2020, le blas bìdh às gach dùthaich far am bheil geamannan ball-coise gu bhith air an cluich. 'S e biadh Romàinia a tha mu choinneamh an-diugh.
Agus tha Aonghas Pàdraig Caimbeul ag innse mar a chaidh Seirbheis Nàiseanta na Slàinte a stèidheachadh air an t-seachdainn seo ann an 1948.
Last on
Music Played
![]()
The Party Slogan
It's Alright
Broadcasts
- Tue 6 Jul 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 6 Jul 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
