
02/07/21 le Niall Iain Dòmhnallach
Ciamar a tha cleasaiche a' cuimhneachadh air na faclan aca 's iad a' seasamh air an àrd-ùrlar? How does an actor remember their lines when they are performing?
A rèir coltais tha an dàrna latha den Iuchar ga chomharrachadh mar latha sònraichte airson daoine a tha air rudeigin a dhìochuimhneachadh. Tha Niall Iain gu bhith a' faighinn comhairle bho sheinneadair agus bho chleasaiche air mar a tha iadsan a' cuimhneachadh air na faclan aca nuair a tha iad a' seasamh air an àrd-ùrlar.
Tha an cluicheadair ball-coise Lionel Messi air deireadh a' chùmhnant aige a ruighinn aig sgioba Barcelona, 's mar sin tha co-dhùnadh mòr aige ri dhèanamh mun àm ri teachd. Cuin a rinn thu fhèin co-dhùnadh, beag no mòr, a thug buaidh air do bheatha?
Agus ann an Ceòl na Sgeòil tha sinn a' sireadh òran a tha a' freagairt air sgeulachd naidheachd. An-diugh, càr as urrainn sgèith. Dè an t-òran a thaghadh tu fhèin?
Last on
Music Played
![]()
Tom Petty & The Heartbreakers
Learning To Fly
- (CD Single).
- MCA.
Broadcasts
- Fri 2 Jul 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 3 Jul 202100:00BBC Radio nan Gàidheal
