Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1144
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1144. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.
Last on
Wed 23 Jun 202122:55
BBC Radio nan Gàidheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 840
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1144
Duration: 05:00
Litir 1144: Covid-19
Thairis air a’ bhliadhna gu leth a dh’fhalbh, tha an saoghal air a bhith ann an grèim galair. B’ àbhaist dhuinn a bhith a’ bruidhinn ri chèile mun aimsir aig toiseach còmhraidh. An-diugh, tha sinn a cheart cho buailteach a bhith a’ bruidhinn air a’ ghalar – Covid-19. Ach a bheil am briathrachas agaibh airson bruidhinn mu dheidhinn ann an Gàidhlig? An-diugh, tha mi a’ dol a thoirt beagan stiùiridh dhuibh a thaobh sin.
An toiseach, a’ Ghàidhlig air virus. ’S e sin bhìoras le ‘bh’. Canaidh sinn a’ bhìoras airson ‘the virus’. Tha am facal a’ coimhead boireanta, ged a tha e fireanta. Tha an sèimheachadh aig toiseach an fhacail mì-nàdarrach ann an ainmear fireanta.
Agus coronavirus? Uill, tha sin furasta gu leòr. ’S e sin coròna-bhìoras. Coròna-bhìoras. Bidh sinn a’ bruidhinn air Covid-19 cuideachd. Agus bidh sinn a’ sgrìobhadh sin le ‘v’ seach ‘bh’.
Bidh sinn ag ràdh galar airson infectious disease. Nuair a tha e a’ sgaoileadh gu mòr ann an dùthaich, ’s e mòr-ghalar no galar-sgaoilte a th’ ann – an epidemic. Anns an t-seann aimsir, bhiodh daoine a’ gabhail plàigh air – a plague – plàigh. Cha bhi mòran daoine a’ cleachdadh ‘plàigh’ airson Covid-19, ge-tà. Agus tha plàigh cuideachd a’ ciallachadh rud no duine a chuireas dragh air daoine eile.
Agus dè mu dheidhinn pandemic – nuair a bhios galar sgaoilte air feadh an t-saoghail? Tha seo ann – galar mòr-sgaoilte. Bidh gu leòr, ge-tà, a cleachdadh pandemic, mar a tha ann am Beurla. Tha e a’ tighinn bho fhreumhan Greugach.
Agus infection? Uill, tha am facal fillte galar-ghabhail ann. Tha an ìre de ghalar-ghabhail ro mhòr an-dràsta. The rate of infection is too great just now. Ghabh e Covid-19. He caught or was infected by Covid-19. Tha gabhaltach a’ ciallachadh infectious. Tha an galar seo uabhasach fhèin gabhaltach. This disease is incredibly infectious. Tha gabhaltachd a’ ciallachadh infectiousness. Tha ìre na gabhaltachd nas àirde aig na gnèithean ùra dhen bhìoras. The new strains of the virus are more infectious.
Bu mhath leam a-nise sùil a thoirt air na fuasglaidhean airson Covid-19. Tha dìonachd no ion-dhìonachd a’ ciallachadh immunity. Chan eil dìonachd on ghalar seo aig gu leòr de dhaoine fhathast. Chan eil gu leòr de dhaoine air an dìon fhathast. Aig a’ cheann thall, ’s e ion-dhìonachd sluaigh a bhios mar fhuasgladh dhuinn. Sin a’ Ghàidhlig a th’ air herd immunity, nuair a tha dìon on ghalar aig earrann mhòr dhen t-sluagh agus nach bi e a’ sgapadh mar a bha. A’ sgapadh no a’ sgaoileadh – spreading.
Tha dà dhòigh airson ion-dhìonachd sluaigh a bhith ann. Anns a’ chiad àite, nuair a tha an galar air a dhol tron t-sluagh gu lèir. Bidh gu leòr a’ tighinn beò, agus iad air an dìon. Bidh anti-cuirp aca. Anti-cuirp – antibodies. Ach le Covid-19, bhiodh mòran daoine a’ faighinn bàs mus ruigte an ìre sin.
’S e an dòigh eile – a’ bhanachdach. Vaccination no vaccine. Gheibh daoine snàthad leis a’ bhanachdach ann. Agus bidh am bodhaigean a’ cruthachadh anti-cuirp a bhios a’ dìon nan daoine an aghaidh a’ ghalair.
Sin e, ma-thà. Bidh sinn beò an dòchas, an ceann bliadhna eile, nach bi sinn fhathast a’ bruidhinn gu làitheil mu Chovid-19.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: briathrachas: vocabulary; mì-nàdarrach: unnatural; sèimheachadh: lenition(shown by the intrusion of an ‘h’ after a consonant); gabhaltach: infectious, contagious; ion-dhìonachd sluaigh: herd immunity; anti-cuirp: antibodies.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Thairis air a’ bhliadhna gu leth a dh’fhalbh: over the past year and a half; tha an saoghal air a bhith ann an grèim galair: the world has been in the grip of a disease; b’ àbhaist dhuinn a bhith a’ bruidhinn ri chèile mun aimsir aig toiseach còmhraidh: we used to talk to each other about the weather at the start of a conversation; tha am facal a’ coimhead boireanta, ged a tha e fireanta: the word looks feminine, although it is masculine; a’ sgaoileadh gu mòr ann an dùthaich: spreading to a great extent in a country; duine a chuireas dragh air daoine eile: a person that annoys others; sgaoilte air feadh an t-saoghail: dispersed throughout the world; bho fhreumhan Greugach: from Greek roots; gnèithean ùra dhen bhìoras: new strains of the virus; chan eil dìonachd on ghalar seo aig gu leòr de dhaoine fhathast: not enough people have immunity from this disease yet; nach bi e a’ sgapadh mar a bha: that it won’t be spreading as it was; bhiodh mòran daoine a’ faighinn bàs mus ruigte an ìre sin: many people would be dying before that level would be reached; gheibh daoine snàthad leis a’ bhanachdach ann: people [will] get a jag [needle] with the vaccine in (when speaking of vaccine, we generally include the article i.e. a’ bhanachdach); bidh am bodhaigean a’ cruthachadh anti-cuirp a bhios a’ dìon nan daoine an aghaidh a’ ghalair: their bodies create antibodies that protect the people against the disease; bidh sinn beò an dòchas, an ceann bliadhna eile: we live in hope that, at the end of another year; nach bi sinn fhathast a’ bruidhinn gu làitheil mu X: we won’t still be speaking daily about X.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: Are you comfortable with the difference between a tinneas and a galar? While there is some overlap between the terms, the former applies to a disease that is not contagious e.g. tinneas (na) mara ‘seasickness’, tinneas an t-siùcair ‘diabetes’, an tinneas-buidhe ‘jaundice’. We might say tinneas gabhaltach for ‘infectious disease’ but we’re more likely to use the word galar. However, a galar can make you tinn ‘ill’. Bha e tinn airson mìos le buaidh Chovid ‘he was ill for a month under the influence of Covid’.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: tha sinn a cheart cho buailteach a bhith a’ bruidhinn air X: we are just as likely to be speaking about X.
Broadcasts
- Sun 20 Jun 202122:25BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 23 Jun 202122:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.