
18/06/21 ri taobh Abhainn Chluaidh
Tha Niall Iain Dòmhnallach ann an Glaschu an-diugh. Bheir sinn sùil air an ath gheama aig Alba ann am farpais Euro 2020. Niall Iain and the team are live from Glasgow today.
Tha Niall Iain agus an sgioba air bruaichean Abhainn Chluaidh ann an Glaschu an-diugh 's iad a' coimhead air adhart ris an dàrna gèam aig Alba aig Farpais na Euros, an turas seo an aghaidh Shasainn.
Tha Ceòl na Sgeòil againn cuideachd. Dè an t-òran as freagarraiche airson fear de luchd-leantainn Alba, a chaidh fad 's farsaing airson dealbhan a thogail de shràidean air a bheil an aon ainm ri cluicheadairean an sgioba airson Euro 2020. Rinn e seo mar chomharra orra gu bheil iad sa chiad fharpais mhòr on a rugadh e fhèin. Cuiribh fios thugainn aig [email protected] no air na meadhanan-sòisealta a' cleachdadh #madainn
Last on
More episodes
Broadcasts
- Fri 18 Jun 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 18 Jun 202123:30BBC Radio nan Gàidheal