
10/06/2021
Cha bhi e ceadaichte bolgan-solais halogen a cheannach bhon t-Sultain. Halogen bulbs to be banned from September.
Cha bhi e ceadaichte bolgan-solais halogen a reic bhon t-Sultain a rèir planaichean ùra a th' aig an riaghaltas co-cheangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde. Tha am bolgan-solais air atharrachadh gu mòr bho chaidh a chruthachadh an toiseach, mar a mhìnicheas an t-eòlaiche-saidheans Murchadh Peutan.
Tha dubhadh na grèine ri fhaicinn goirid ro mheadhan-latha an-diugh. Gheibh sinn stiùireadh bho Aonghas Dòmhnallach dè a tha ri fhaicinn, càite agus an dòigh as fheàrr dubhadh grèine a choimhead.
Chaidh cuimhneachan-cogaidh ùr le ainm 22,442 neach a chaill am beatha aig Blàr Nòrmandy fhoillseachadh ann am baile Ver-sur-Mer aig toiseach na seachdain. Cluinnidh sinn an-diugh còmhradh a chaidh a chlàradh air an Traigh Òir agus Port En Bassin, nuair a bhathas a' comharrachadh gu robh 70 bliadhna bho thachair am blàr ann a 2014.
Agus gheibh còrr is 800 sgoilear sa Rìoghachd Aonaichte cothrom beagan de Ghàidhlig Mhanainn ionnsachadh an t-seachdainn sa. Tha sgoil Ghàidhlig Mhanainn gu bhith a’ toirt dhaibh blasad den chànan air App agus tha cothrom againn an-diugh èisteachd ri Gàidhlig Mhanainn a chlàr Coinneach aig Bun-sgoil Ghàidhlig Eilean Mhanainn nuair a thadhail e aca ann a 2017.
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Thu 10 Jun 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 10 Jun 202121:00BBC Radio nan Gàidheal