
18/05/2021 le Coinneach MacÌomhair
Clò-bhualadh iris na h-Eaglaise Caitligich an Alba a' sguir. The Scottish Catholic Observer is to cease publication.
Fhuair Radovan Karadzic, seann cheannard nan Serbanaich Bosnianach, binn-beatha airson a' sgrios-cinnidh a rinn e anns an dùthaich air an robh Yugoslavia. Gheibh sinn eachdraidh Karadzic bho Anna Nicleòid agus mìnichidh Rob Dunbar ciamar a tha e a' dol a chur seachad an còrr de bheatha ann am prìosan anns an Rìoghachd Aonaichte.
A' comharrachadh 100 bliadhna bho rugadh Joan Eardley, tè ealain a rugadh an Sasainn ach a fhuair cliù an Alba.
Tha clò-bhualadh iris na h-Eaglaise Caitligich an Alba a' sguir. Gheibh sinn beachd Andreas Wolff agus Rosemary Ward air an Scottish Catholic Observer.
Agus tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' toirt sùil air ais air an t-seachdain sa ann an 1859 nuair a rugadh Arthur Conan Doyle ann an Dùn Èideann.
Last on
Broadcasts
- Tue 18 May 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 18 May 202121:00BBC Radio nan Gàidheal