
Dràma - Danns a’ Rathaid le Elspeth Nic an Tuairneir
Nuair a tha tubaist aig dannsair òg, an urrainn do charaid ris nach robh dùil a cuideachadh? When an accident threatens a young dancer's ambition, can an unexpected friend help?
Tha Anna a' fuireach leatha fhèin agus 's ann ainneamh a bhios i a' bruidhinn ri duin' eile, ach tha rud a' tachairt a tha toirt oirre càirdeas a thogail le tè ris a bheil ceangal tòrr nas dlùithe aice na bha i a' smaoineachadh. 'S e sgeulachd chianail, dhuilich a tha seo mun strì a th' aig dannsair òg ann a Lunnainn sna 50an. A' snìomh ri chèile cuspairean leithid miann faighinn air adhart, sinnsireachd agus sgaradh, tha dàimh ris nach robh dùil a' togail ceann am measg ceòl àlainn Swan Lake.
Sylvie - Màiri Mhoireasdan
Anna - Elspeth Nic an Tuairneir
Stiùiriche - Muireann Kelly
Dealbhaiche Fuaim agus Deasachadh - Matt Padden
Ceòl - Pàdruig Moireasdan
Comhairlichean Dràma - Lynda Radley agus Iain Fionnlagh MacLeòid
Riochdaire sa stiùidio - Catrìona Mhoireach
Fuaim sa stiùidio - Sara Mattinson
Co-òrdanaiche a’ phròiseict - Rhona NicDhùghaill
Riochdaire - Annella Nicleòid
Coimiseanair - Calum McConnell
'S e cleasaiche agus sgrìobhaiche a th' ann an Elspeth Nic an Tuairneir, a cheumnaich bhon American Academy of Dramatic Arts. Tha i air duaisean fhaighinn airson a deilbh-chluich ach seo a' chiad dràma airson radio aice ann an Gàidhlig.
Chaidh ‘Rudeigin Ri Ràdh’ a choimiseanadh le Theatre Gu Leòr le taic bho Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig ann an com-pàirteachas le BBC Radio nan Gàidheal. Bhuannaich e duais na h-Ealain agus a' Chultur aig Duaisean na Gàidhlig am-bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Tue 27 Apr 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Eve 202117:10BBC Radio nan Gàidheal