
27/01/21 le Cathy NicDhòmhnaill
A bheil là nam fòn-taighe seachad? Has the landline had its day?
Bidh Cathy ann an còmhradh ri Elspeth Turner mun dràma reìdio ùr a sgrìobh i, Danns’ A' Rathaid, a bha ri chluinntinn an seo air BBC Radio nan Gàidheal, goirid ron phrògram seo fheìn.
Tha an dealbhaiche-aodaich Sandra Mhoireach air ais, is i a'toirt sùil air trì seann thrusgain eile bhon taisbeanadh Highland Threads. An t-seachdainn-sa, froga thartain agus dà gheansaidh. Cò bu leis iad, càite an robh iad agus ciamar a chaidh an deànamh?
Cuine chleachd sibh fòn-taighe mu dheireadh? A rèir choltais, tha 40% dhen t-shluagh air fòn-taighe a leigeil seachad air neo cha bhi iad ga chleachdadh idir. A bheil làithean nam fòn tradaiseanta anns an taigh seachad? Cuine sheirm e mu dheireadh san taigh agaibh fhèin agus an e cuideigin a’ reic rudeigin a bh' ann?! Gheibh sinn cuimhneachain bho dhaoine air cho prìseil is cudthromach sa bha fòn an taighe aig aon àm.
Ceòl bho Georgia, MarthaGunn, Van Morrison agus Matthew Gibb.
Last on
More episodes
Music Played
![]()
Georgia
Running Up That Hill
![]()
Van Morrison
Only A Song
![]()
MarthaGunn
Giving In
![]()
Matthew Gibb
I'm The Reason
Broadcast
- Tue 27 Apr 202112:50BBC Radio nan Gàidheal
