
20/04/21 le Cathy NicDhòmhnaill
Dè an ìre aig a bheil Innes MacCuithein leis an taigh a tha e ag ùrachadh air Eilean Luing? We catch up with Innes MacQueen as he renovates an old cottage on the Isle of Luing.
Tha cuid a bhùithean charthannais a' gearain gu bheil cus stuth a' tighinn a-steach thuca, an dèidh do dhaoine a bhith ga chruinneachadh aig an taigh tron ghlasadh. Dè na rudan a bu chòir 's nach bu chòir a chur thuca? Agus dè ghabhas a dhèanamh le stuth nach gabh a reic?
Cò leis nach bu mhiann seann tobhta taighe a sgeadachadh às ùr agus dachaigh ghleansach, bhreàgha a dhèanamh dheth? Gach cola-deug, tha sinn a' cluinntinn bho Innes MacCuithein a tha, beag air bheag, a' leasachadh seann taigh leis fhèin air Eilean Luing ann an Earra-Ghàidheal. Dè an ìre aig a bheil e an-diugh? Tha dealbhan de phròiseact Innes rim faicinn air duilleag Facebook Radio nan Gàidheal.
Agus cluinidh sinn bho oileanaich aig an robh duilgheadas eòlas-obrach fhaighinn tron bhliadhna a chaidh seachad. Tha leithid de eòlais deatamach do mhòran chùrsaichean ach tha na h-àiteachean obrach fhèin air a bhith dùinte.
Ceòl bho MarthaGunn, Tom Speight, James Bay, Gabrielle agus mòran eile.
www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Music Played
![]()
MarthaGunn
Giving In
![]()
Tom Speight
Everything's Waiting for You
![]()
James Bay
If You Ever Want To Be In Love
![]()
The Wandering Hearts
Gold
![]()
Gabrielle
Bring It On Home To Me
![]()
Frances
Everything in Between
Broadcast
- Tue 20 Apr 202112:30BBC Radio nan Gàidheal
