Main content
Sorry, this episode is not currently available

Biadh agus Deoch

'S e biadh 's deoch a tha fa-near do Jo NicDhòmhnaill 's rudan annasach air a' chlàr-bìdh. Jo Macdonald looks at food and drink in days when Highlanders were mostly self-sufficient

Air a' bhliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S e biadh agus deoch a tha fa-near do Jo NicDhòmhnaill a seo, agus air a' chlàr-bìdh aice tha sabhs air fheadh, slòcan, ìm an craiceann agus omhann maistridh. Airson cuideachadh len cnàmh tha uisge-beatha agus deochan air an dèanamh le flùraichean conaisg agus sùgh na craoibhe beithe.

Tha Fearchar MacGriogar, a bha a’ fuireach air an Dòrnaidh, ag innse mun deoch a b’ fheàrr a dh’fheuch e a-riamh - an deoch a thàinig às a’ bheithe - agus mar a bhiodh iad a' dèanamh uisge-beatha.

Innsidh Flòraidh NicCùthais, Flòraidh Iain ’Ic Fhionnlaigh à Beàrnaraigh na Hearadh, ciamar a bha iad a' dèanamh sabhs air fheadh agus gheibh sinn a-mach bho Sheòras Gow à Tealmainn an Dùthaich MhicAoidh mar a bhiodh iad a' smocaigeadh chudaigean, mu dhòigh annasach a bh' aca air ìm a dhèanamh agus mu dè bh' ann an omhainn maistridh.

'S cluinnidh sinn bho Chairistìona NicPheadrais mu na bhiodh iad a' dèanamh le feamainn ann an Eilean Bheàrnaraigh.

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 15 Apr 202112:00
  • Thu 15 Apr 202122:00
  • Sun 18 Apr 202109:30